Find your perfect place

Accommodation Category
Location
Summer evenings

Summer evenings

Fàilte Dhan Ghearasdan 's Gleann Nibheis

Fàilte dhan Ghearasdan, Alba!

Tha An Gearasdan suidhichte aig bonn Beinn Nibheis 's ri taobh An Linne Dhuibh. Tha diofar bhailtean beaga 's coimhearsnachd sa Ghearasdan.

'S iad Banabhaidh, An Caol, An Claigean, Inbhir Lòchaidh, Tòrr Lundaidh agus Tom a' Charraich.  Gu lèir, tha mu 9,000 sluagh a' fuireach ann.  Chan eil ach 10-15 mionaidean eadar na bailtean fhèin 's bho  Mheadhan a' Ghearasdain. Fo Bheinn Nibheis air an taobh deas, tha Gleann Nibheis.  'S e àite air leth bòidheach a th' ann le beanntan mòra, Abhainn Nibheis, easan 's gu leòr ceuman-coiseachd.  'S ann aig beul a' ghlinne a tha crìoch Slighe an Iar na Gàidhealtachd.  Tha aon de na làraich-campachaidh as fheàrr ann an Alba an seo cuideachd.  Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn cleachd na duilleagan sònraichte air an làrach-lìn seo. Bidh tòrr dhaoine a' tighinn dhan Ghearasdan 's iad ag amas air Beinn Nibheis no na slighean-baidhc aig An Lèanachan faisg air beanntan a' Ghlinne Mhoire.  Tha eachdraidh fada  ceangailte ris a' Ghearasdan agus tha am baile air a bhith cudromach ann am poileataics na dùthcha.  

Chaidh am baile ainmeachadh as dèidh rìgh Sasannach a bha airson smachd a chumail air a' Ghàidhealtachd 's Na Seumasaich. Gu h-àbhaisteachd, tha dà rud a dhìth air luchd-tadhail nuair a thèid iad dhan Ghearasdan 's an sgìre mu thimcheall – dèagh àite-fuirich 's dèagh taighean-bìdh. Gu fortanach tha gu leòr de gach seòrsa sa Ghearasdan. Thoir sùil air an stiùireadh againn air àitean-fuirich 's taighean-bìdh – Tha gnìomhachasan ionadail a' coimhead air adhart ri fàilte bhlàth, Ghàidhealach a chur oirbh. Tha An Gearasdan suidhichte aig bonn Beinn Nibheis 's ri taobh An Linne Dhuibh. Tha diofar bhailtean beaga 's coimhearsnachd sa Ghearasdan. 'S iad Banabhaidh, An Caol, An Claigean, Inbhir Lòchaidh, Tòrr Lundaidh agus Tom a' Charraich.  Gu lèir, tha mu 9,000 sluagh a' fuireach ann.  Chan eil ach 10-15 mionaidean eadar na bailtean fhèin 's bho  Mheadhan a' Ghearasdain. Fo Bheinn Nibheis air an taobh deas, tha Gleann Nibheis.  

'S e àite air leth bòidheach a th' ann le beanntan mòra, Abhainn Nibheis, easan 's gu leòr ceuman-coiseachd.  'S ann aig beul a' ghlinne a tha crìoch Slighe an Iar na Gàidhealtachd.  Tha aon de na làraich-campachaidh as fheàrr ann an Alba an seo cuideachd.  Gus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn cleachd na duilleagan sònraichte air an làrach-lìn seo. Bidh tòrr dhaoine a' tighinn dhan Ghearasdan 's iad ag amas air Beinn Nibheis no na slighean-baidhc aig An Lèanachan faisg air beanntan a' Ghlinne Mhoire.  Tha eachdraidh fada  ceangailte ris a' Ghearasdan agus tha am baile air a bhith cudromach ann am poileataics na dùthcha.  Chaidh am baile ainmeachadh as dèidh rìgh Sasannach a bha airson smachd a chumail air a' Ghàidhealtachd 's Na Seumasaich. Gu h-àbhaisteachd, tha dà rud a dhìth air luchd-tadhail nuair a thèid iad dhan Ghearasdan 's an sgìre mu thimcheall – dèagh àite-fuirich 's dèagh taighean-bìdh. Gu fortanach tha gu leòr de gach seòrsa sa Ghearasdan. Thoir sùil air an stiùireadh againn air àitean-fuirich 's taighean-bìdh – Tha gnìomhachasan ionadail a' coimhead air adhart ri fàilte bhlàth, Ghàidhealach a chur oirbh.

Top Recommended

You may be interested in